The Blue Mountains and Other Gaelic Stories from Cape Breton

The Blue Mountains and Other Gaelic Stories from Cape Breton: Na Beanntaichean Gorma agus Sgeulachdan Eile à Ceap Breatainn

Translated and edited by John Shaw
Copyright Date: 2007
Pages: 240
https://www.jstor.org/stable/j.ctt7zts6
  • Cite this Item
  • Book Info
    The Blue Mountains and Other Gaelic Stories from Cape Breton
    Book Description:

    Shaw provides both the Gaelic texts and English translations. When possible, he identifies both the original Gaelic storyteller and the local reciters. Reciters in the collection include Joe Neil MacNeil, a major Canadian storyteller, as well as others whose stories have never before been published. The Blue Mountains and Other Gaelic Stories from Cape Breton showcases a unique and neglected storytelling tradition.

    eISBN: 978-0-7735-6033-8
    Subjects: Language & Literature

Table of Contents

  1. Front Matter
    (pp. i-iv)
  2. Table of Contents
    (pp. v-viii)
  3. Acknowledgements
    (pp. ix-x)
  4. Introduction
    (pp. xi-xxii)

    The present collection has been gathered from the immense store of folktales, doubtless numbering in the thousands, that have been regularly told over six or seven generations in the Gaelic-speaking parts of Cape Breton and the nearby Nova Scotia mainland. Most of the Gaels who arrived from the western Highlands, mainly during the first half of the nineteenth century, had little if any knowledge of English, formal education, or material wealth. Yet through a combination of circumstances arising from geography and politics, eastern Nova Scotia emerged as the primary North American region where Gaelic communities, and their extensive bodies of...

  5. PART ONE. CUID A H-AON. SGEULACHDAN EADAR-NÀISEANTA
    • 1 Mac an Iasgair Mhóir
      (pp. 2-29)

      Bha fear ann ris an abradh iad an t-Iasgair Mór agus tha e coltach gu robh e ùine ri iasgach ’s gu robh e ’na iasgair math. Thànaig an sin ceiltinn air an iasg agus cha robh iad ri’m faotainn idir. Bha a h-uile rud gu math gann. Ach lath’ dha nuair a bha e amach ag iasgach thànaig maighdean-mhara neo creutair mór anuas às a’chuan ri taobh a’bhàta agus dh’fhoighneachd i dha an robh e a’faighinn iasg an diugh. O, thuirt e nach robh. A nist bha seòrsa do dh’eagal aige ro chreutairean mar sin — gu robh droch-chumhachd aca...

    • 2 Am Fear a Fhuair Paidhir Bhròg an Asgaidh
      (pp. 30-31)

      Bha fear eiginn an Abhainn a Tuath aon uair agus bha e dol a Bhadaig. Cha robh stòraichean bhos an taobh-sa ’n uairsin agus bhiodh iad an còmhnaidh a’dol a Bhadaig a cheannach rud a bha a dhìth orra. Agus latha bha seo thuirt e ri bhean gu robh e dol a Bhadaig; gu feumadh e paidhir bhrògan a cheannach. Uill, thuirt a bhean ris an duine seo gum bu chòir dha a chasan a nighe mus deidheadh e a Bhadaig a cheannach bhrògan. A uill, cha robh e glé dheònach air a bhith nigh’ a chasan co-dhiubh, ach, uill,...

    • 3 Na Beanntaichean Gorma
      (pp. 32-57)

      Bha triùir anns an arm — triùir shaighdearan. Bha Gall agus Gàidheal agus Éireannach, agus bha iad ’nan companaich a bha glé chàirdeil. Agus tha mi cinnteach gur e cùis neònach bhiodh ann gum biodh Gall agus Gàidheal cho mór sin aig a chéile. Thachair dhaibh a bhith anns an arm agus tha mi cinnteach nuair a tha feadhainn ’san aon suidheachadh gum bi iad a’falbh car air a réir.

      Ach rinn iad suas ’nan inntinne gura h-ann a theicheadh iad as an arm, agus nuair a fhuair iad an cothrom, thog iad rithe. Agus b’fheudar dhaibh an uair sin, nuair...

    • 4 Sgeulachd nan Gillean Glasa
      (pp. 58-67)

      Bha siod ann turus, dithist ghillean òga agus bha iad air fàs suas as an nàbachd agus bha iad gu math measail air a chéile. Far am biodh aonfhear bhiodh an ath fhear. Leis a’sin co-dhiubh nuair a dh’fhàs iad beagan na bu shine dh’fheumadh iad a dhol agus beoshlaint’ a dheanamh ann an àit’ air choireiginn eile.

      Co-dhiubh dh’fhàg iad na dachaidhean le chéile dhan cois ’s bha iad a’falbh air a’rathad co-dhiubh agus thànaig iad gu ceann dà rathad. Nuair a thànaig iad gu ceann dà rathad stad iad. Stad iad co-dhiubh aig ceann an dà rathad agus...

    • 5 Am Fear a Chuir am Bàs ’sa Phoca
      (pp. 68-73)

      ’S ann mu dheoghainn saighdear a bh’anns an arm agus tha e coltach gu robh an ùine air ruith suas, gu faodadh e litir-saors’ fhaighinn as an arm. Agus co-dhiubh nuair a dh’fhàg e ’s a dh’fhalbh e a shiubhal, ge b’e cà robh fainear dha a dhol, cha robh aig’ ach trì muilinn do dh’aran a’falbh. Ma bha tuarasdal ann cha robh cunntais air co-dhiubh. Fada neo goirid an t-astar gun deachaidh e thachair bodachan beag ris agus e gearain gu robh an t-acras air.

      “An dà,” ors’ an saighdear, “chan eil móran agamsa do bhiadh. Chan eil agam...

    • 6 Iain Òg Mac na Banndraich
      (pp. 74-84)

      Bha banndrach ann ’s bha i fuireach ann an àite iomallach don dùthaich agus bha aon mhac aice, Iain. Agus bha cùisean gu math cruaidh oirre. Ach bha trì mairt aca agus smaoinich iad latha dha na lathaichean gun creiceadh iad té dha na mairt agus gu faigheadh iad biadh is aodach dhaibh p-fhéin. Agus dh’fhalbh Iain ’sa mhadainn a’la’r-na-mhàireach leis a’mhart dhan mhargaid agus bha e falbh ’s a’falbh agus mu dheireadh thànaig i anmoch feasgar — ciaradh na h-oidhcheadh. Agus chaidh e seachad air taigh — cha deach e uamhasach fada seachad air an taigh a bha sin nuair a...

  6. PART TWO. CUID A DHÀ. ROBAIREAN IS MEÀIRLICH
    • 7 Conall Ruadh nan Car
      (pp. 86-99)

      Uair dha robh saoghal bha duin’ ann ris an abradh iad Conall Ruadh nan Car. Bha triùir ghillean aige, agus bha rìgh a’fuireach taca ris agus bha triùir ghillean aig a’rìgh. Ach bha aig gillean Chonaill, nuair a bhiodh iad a’dol dhan sgoil bha aca ri dhol seachad air àit’ a’rìgh agus bhiodh triùir ghillean a’rìgh a’falbh còmhla riu’ dhan sgoil. Thuit air latha dhe na lathaichean, bha iad tighinn dhachaidh as a’sgoil agus chaidh an gille bu shin’ aig Conall ’us an gille bu shin’ aig an rìgh far a’chéile. Thuit gun do mharbh an gille aig Conall an...

    • 8 Sgeulachd a’Chòcaire Ruaidh
      (pp. 100-115)

      Bha uair ann a bha nighean a bha fuireach còmh’ ri bràthair a h-athar, agus bha còmhla riu’ òganach do ghille bha iad a’togail. ’S bha iad ann an dachaigh thoilichte, agus bha iad sìtheal, còrdte còmhla a’sin.

      Ach a’sin thuirt an duine gu robh e dol a ghabhail sgrìob a choimhead a chàirdean aig roinn do dh’astar air falbh, ’s gum biodh e air falbh a leithid do dh’ùine. ’S bha e dèanamh a mach gu robh an nighean ’s am balach ann an aois gu toireadh iad an aire dhaib’ fhéin agus dhan dachaigh. Agus dh’fhàg e dar...

    • 9 Meàirleach Dugh a’Ghlinne
      (pp. 116-117)

      Bha Meàirleach Dugh a’Ghlinne, bha e fuireach ann an àite leis fhéin. Agus bha e ’ gan ionnsachadh — na feadhainn òg’ — airson goid. Rachadh iad gu Meàirleach Dugh a’Ghlinne a dh’ionnsachadh. Agus am fear bhiodh ullamh ionnsaichte, dh’fhaodadh e bhith falbh.

      A’latha bha seo, bha fear òg, bha e ullamh ionnsaichte. Chunnaic e duine a’tighinn anuas leis a’bheinn, mu mheadhan a’latha, agus caor’ aige air a mhuin. Uill, thuirt am Meàirleach Dugh ris,

      “Halla a nist, [bhon] a tha thu ionnsaichte, ’s goid a’chaor’ ud bhon duine ud.”

      “Goididh.”

      Amach a thug am fear òg. Bha rathad a’dol thron choillidh....

    • 10 An Dithist Ghadaiche Ainmeil
      (pp. 118-120)

      [Tha sgeul [a’seo] a fhuair mi bho Mhìcheal Mac’Illeain – Mìcheal Iain Chaluim Òig – air dithist do ghadaichean a bh’ann. Agus co-dhiubh ’s ann an Albainn neo ’n Éirinn a bha iad ’s coltach gur ann thall feadh nan ceàrn sin dhen t-saoghal a bha iad. Agus bha iad ainmeil co-dhiubh tha e coltach, airson na meàirle. Agus ’s fheudar gun cuala am fear seo sgeula air an fhear eile agus ma dh’fhaoidte gun tuirt cuideiginn ris gu robh am fear eile na b’ainmeile. Ach co-dhiubh thànaig iad còmhla ’s chuir iad geall.

      [Agus bha eun uamhasach furachail thall a’sin tha...

  7. PART THREE. CUID A TRÌ. RÒLAISTEAN
    • 11 Mar a Chaidh Aonghus Bàn a Shealgaireachd
      (pp. 122-125)

      [Chaidh Aonghus Bàn] a shealgaireachd a’lath’ seo ’s bha roinn do stoirm ann. ’S bha na tunnagan, bha iad ann an loch ’s bha e car duilich faighinn teann orra. Nam biodh tu falbh ’n rathad a bha ’n soirbheas, shnàmhadh iad amach bhon chladach. Ach chaidh a’Sagart Bàn a’rathad nach robh ’n soirbheas séideadh far a robh na tunnagan. ’S fhuair e teann gu leòr orra ach cha b’urrainn dha cothrom fhaighinn air losgadh orra ach le aon urchair. ’S e seann ghunna a bh’aige — seannmhuzzle-loader.Dh’imireadh e a lòdadh. ’S bha ewatcheadhnan tunnagan ’s bha...

    • 12 An Sagart Bàn ’san Sgadan
      (pp. 126-127)

      Bhiodh an sagart seo ag iasgach cuideachd. Chaidh e lath’ bha sin amach a dh’iasgach ’s cha robh iasg idir ann, ach fhuair e aon sgadan. Thug e astaigh dhan bhàt’ e ’s bha e spreabaidh’s bha bucaid uisg’ aige. Lìon e a’bhucaid do dh’ uisge ’s chuir e ’n sgadan anns a’bhucaid uisge. Bha ’n sgadan a’snàmh mun cuairt ’sa bhucaid, agus thug e leis dhachaigh e. Bha a’latha car teth ’s bha e ag ràdh ris fhéin gum biodh e na b’fheàrr airson ith — cha bhiodh e marbh fada.

      Fhruig’ e dhachaigh ’s bha ’n sgadan aige ’s...

    • 13 An Cù Glic
      (pp. 128-129)

      An cù glic a bha aig Mìcheal MacNìll thall aig Pòn na Maiseadh: Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’Chùil mar a bheireadh iad ris. Bha e ’g innse dhaibh cho seòlta ’s a bha ’n cù. Agus bhiodh an cù a’dol dhan bheinn a thoirt dhachaidh a’chruidh a h-uile feasgar. Agus bhiodh e ’na shuidh’ amuigh air a’chnoc airneo ’na laighe amach aig taobh an taighe. Agus nuair bha ’m feasgar a’tighinn chaidh e astaigh a dh’fhaicinn gu dé an uair a bha i agus bha an clog air stad. Agus thànaig e amach; thug e greis ’na laighe air a’chnoc ’s...

    • 14 Am Fear a Chaidh an Ceann a Ghearradh Dheth
      (pp. 130-133)

      Bha fear thall faisg air Bàigh a’Charteil is bha e amuigh as a’ghleann, tha mi creidsinn: Teàrlach Crotach. Agus bhiodh e deanamh naidheachdan suas. O, bha cuid mhór do naidheachdan. Rinn e fhéin feadhainn ach rinn Eóghann feadhainn agus rinn e suas iad ’s ma b’fhìor gur e Tearlach a rinn iad. Agus bha e ’g innse turus, chaidh e a dh’obair sios an àird a tuath. Thuirt e gu robh iad cho fada sios as an tuath agus gun cluinneadh iad air oidhche gheamhraidh, gun cluinneadh iad an nighean aig Santa Claus a’cluich ’sa chlàrsach mhór shios.

      Bha e...

    • 15 An t-Ugh Mór
      (pp. 134-135)

      Chuala mi sgeul bheag eile aig Mìcheal Mac’Illeain. ’S ann mu dheoghainn dithist a chaidh astaigh dhan taigh òsda madainn shònraichte agus iad a’dol a ghabhail drama. Agus thuirt an t-òsdair riu’ nuair a chaidh iad astaigh,

      “Ge b’e có,” ors’ esan, “a dh’innseas a’bhreug as motha air a’mhadainn seo, gheobh e an dram saor: cha bhi aige ri phàigheadh idir airson na drama.”

      Agus thug iad tacan beag ’nan tosd. ’S thuirt fear aca,

      “An dà,” ors’ esan, “an latha roimhe nuair a dh’éirich mi,” ors’ esan, “cuimseach tràth as a’mhadainn chunna mi tùiceag dhubh a’nochdadh as an àird...

    • 16 Pìos dhen Adhar
      (pp. 136-139)

      [Trup eile bha Alasdair, nuair a bha e òg bha e ’na thriom; bha e cuimseach ealanta an uairsin ’na ghill’ òg foghainneach ’s bha soitheach Geangach astaigh aig a’Phort Bhàn ’s i ag iasgach runnach.

      [Agus by Gosh, bha an caiptean a bh’air an t-soitheach, bha e siubhal gille làidir airson a bhith ’na able seaman air an t-soitheach a bha seo. ’S e square rigger three masted a bh’innte: soitheach nan crannagan a bh’ann. Ach join Alasdair Aonghuis ’ac Dhòmhnaill; chaidh e air bòrd ’s chaidh an soitheach – fad dhà neo trì bliadhnaichean – bha e air ais ’s...

    • 17 An t-Uircean Bàithte
      (pp. 140-142)

      Lauchie MacLean, bha each aige. Bha e cho math ’s bha e cho luath. Ach chaidh e a Mhàbu a dh’iarraidh uircean. Agus bha latha briagh, teth ann as t-samhradh ’s cha robh léine no còt’ idir air. Ach fhuair e ’n t-uircean ’s chuir e’n t-uircean cùl a’wagonagus nuair astarte choimhead e — bha e ’n deaghaidh fàs uamhasach dorch’ gu tuath agus,

      “Tha e dol a shileadh,” thuirt e, “agus ’s fheàrr dhomh bhith luath.” Chunnaic e’n t-uisge a’tighinn. Uill chuir e a’chuip air an each is dhràibh e e. Is nuairlande aig...

  8. PART FOUR. CUID A CEITHIR. SGEULACHDAN NA FÉINNEADH
    • 18 Oisein an Déidh na Féinneadh
      (pp. 144-149)

      Mar a chuala mi aig Gilleasbuig MacUaraig ’s bha e ag innse mu dheidhinn Oisein an déidh na Féinneadh, thuirt e gun d’rinn Oisein achanaich gum biodh e beò an deaghaidh dhan Fhéinn a bhith uile marbh. Agus sin an dòigh as an tànaig Oisein an déidh na Féinneadh. Bha naidheachd anns a’Mhac-Talla mu dheidhinn na sealg mu dheireadh aig Oisein, ach bha beagan atharrachadh innte seach mar a bha i aig Gilleasbuig. Cinneach gu leòr gur ann bho bheul-aithris a bha i aige, co-dhiubh a bha i cho iomlan ’s a bha i ’sa phaipear — ma dh’fhaoidte gu robh...

    • 19 Fionn agus an Leac
      (pp. 150-154)

      Uill, bha Fionn, as an àm a bha seo, bha e gu math gliogach agus bha e dall. Agus bha muinntir na rìoghachd a’togail taigh mór ann a’ sin agus ’s e clachan agus leacan a bhiodh iad a’cur ann. Ach bha leac ri chur os cionn an doruist agus bha i gun chiall trom, ’s cha robh duine anns an Fhìnnidh a chuireadh a’leac suas ach Fionn. Ach bha Fionn gu math lag leis an acras o chionn bha sealg air fàs cho gann anns an Fhìnn agus cha robh e faighinn gu leòr a dh’ithe. Ach co-dhiubh chaidh...

  9. PART FIVE. TRADITIONS CUID A CÒIG. SEANCHAS AGUS EACHDRAIDH NAM FINEACHAN
    • 20 Raghnall mac Ailein Òig
      (pp. 156-161)

      Bha daoine uamhasach uile gu léir foghainteach anns an t-seann dùthaich agus tha iad ann a dh’ionnsaigh a’latha an diugh. Ach bha aon duine ann ris an abradh iad Raghnall mac Ailean Òig, agus tha seans’ gu robh e gàbhaidh uile gu léir làidir. Agus an companach aige, bha e a cheart cho làidir ris fhéin. Ach bha gleann ann an sin — ann an Albainn — agus cha deachaidh duine riamh seachad ’sa ghleann a bha seo nuair a thigeadh an oidhche nach deachaidh a chur gu bàs. Bha duine ann an sin ris an abradh iad Colann gun Cheann agus...

    • 21 Mac ’ic Ailein agus an Gearran Ruadh
      (pp. 162-164)

      Tha e coltach gu robh Mac ’ic Ailein air a ghlacadh agus gu robh iad a’dol a chuir às dha. Agus fhad’s a bha e ann an àite a bha seo ann an teàrainteachd, bhiodh e dol a null far a robh nighean òg a bhiodh a’bleoghainn a’chruidh. Agus bheireadh e dhi làn soitheach beag do dh’fhìon — stòpa beag do dh’fhìon — agus lìonadh ise an uair sin a’stòpa dha do bhainne blàth bhon bhó.

      Agus a’lath’ bha seo thuirt i ris,

      “Cum thusa na h-eich air ais gus am bith iad gu math fad air naghaidh le cion uisge, gus...

  10. PART SIX. CUID ASIA. UIRSGEULAN EILE
    • 22 Riley ’s an Deamhan
      (pp. 166-169)

      Am fear seo bh’as a’Phòn Mhór, bha e còmhnaidh seo o bhliadhnaichean bhuaidh’. Ach gu leòr dha na daoine a b’aitne dhomhsa, chunnaic iad e. Agus as an aimsir a bha sin bha daoine gu math goirid dhen a h-uile sian; gu h-àraid nuair a thigeadh toiseach an t-samhraidh ’s àm na curachd bhiodh an t-airgead car gann.

      Ach Riley a bha seo, cha robh móran dhen t-saoghal aige fhéin agus bha e amuigh feasgar. Cha d’rinn e móran astar co-dhiubh nuair dh’amais duin’ uasal ris agus bhruidhinn iad ri chéile ’s dh’fhoighneachd an duin’ uasal dha ciamar a bha...

    • 23 Caiptean Dubh Bhaile Chròic
      (pp. 170-179)

      Tha mi dol a dh’innse sgeulachd dhuibh air fear ris an abradh iad Caiptean Dubh Bhaile Chròic a bha thall anns an t-seann dùthaiche. Agus an dòigh a thànaig an naidheachd aig’ a nall dhan dùthaiche seo measg nan daoine againne mar seo, bha e am measg Caiptean Tulach anns an t-seann dùthaiche a bha ’na athair na nighinn a bha ’na sìn seanmhar dhomhsa. Sin mar a thànaig a’sgeulachd a nall a’seo ugainne. A bharrachd air a’sin bha Dòmhnallach ’na shaighdear aige a shàbhail as an oidhch’ uamhasach a thachair: a thànaig e fhéin a nall as an t-seann...

    • 24 Cù Glas Mheòbail
      (pp. 180-181)

      Tha mi dol a dh’innse naidheachd dhuibh mu dheidhinn seòrsa do bhòcan a bha mun cuairt. Dh’abradh iad Cù Glas Mheòbail ris. ’S e fear dha na Dòmhnallaich às Meòbail a th’annam-as, agus bha poidhle ’g ràdhainn gu fac’ iad e ’s poidhle eile ’g ràdhainn nach fhac’ iad riamh e is a h-uile sian. Ach tha mi gu math cinnteach gu faca mis’ e.

      [Bha ] mi coiseachd a’rathaid mhóir oidhche ’s thànaig cù beag, glas. Choisich e làmh rium. Agus chaidh e a’falach — chaill mi ’n sin e. Agus bha sneachda beag air an talamh agus choimhead mi:...

    • 25 Am Fear a dh’Fhalbh Oidhche na Bainnse ’s nach do Thill
      (pp. 182-183)

      ’S e seann stòiridh a bh’ann a chuala mise nuair a bha mi glé òg mun fhear a dh’fhalbh oidhche na bainnse ’s nach do thill. Dh’fhalbh e bhon bhainis a dh’iarraidh buideal ruma. Air a thilleadh chaidh e astaigh a thaigh nan sìthein ’s dh’fhuirich espella’sin ’s bha e’n dùil nach robh e fad sam bith astaigh ann an taigh nan sìthein.

      Nuair a dh’fhalbh e às an taigh a bha seo, chan aithnigheadh e duine. Bha etraveladh [’s] thànaig e gu taigh ann a’sin ’s bha seann duin’ ann — faisg air ceud bliadhna. ’S dh’fhoighneachd...

    • 26 Am Muileann Dubh
      (pp. 184-187)

      [Trup a bha sin an Albainn, bha duine tinn fuireach ann a’sloc a dh’àite an taobh thall dhen allt mhór a bha seo ’s chuir iad fios dh’ionnsaigh an t-sagairt. Bha an creideamh an uair ud, dh’fheumadh sagart falbh ’san oidhche agus nuair ruigeadh e an taigh ’sa robh an urra thinn, dh’fheumadh iad bratan a chur air na h-uinneagan no bhiodh na Sasannaich a’coimhead astaigh agus geidsearan aca dhen a h-uile seòrsa saighdearan’s bha cead ac’ air do chur ’sa phrìosan.

      [Ach co-dhiubh an oidhche seo bha ’n sagart dh’fhalbhe air muin eichagus bhae dol sios seachad air a’mhuileann-bleith...

    • 27 Cnàimh a’Sileadh Faladh
      (pp. 188-189)

      Bha soitheach Geangach ag iasgach amach bho Mhargrìdh bho chionn fhada. Agus ’s edoriesa bh’aca an uair ud — dithist anns a h-uile dory a’ trawl adh. Tha sheans’ gun tànaig rudeiginn eadar an gill’ òg a bha seo agus leth-sheann fhear a bh’as a’bhàta ’s spad an seann fhear an gill’ òg ’s dh’fhalbh e an comhar a’chùil amach ’s chaidh e fodha ’s chaidh a bhàthadh.

      Nuair a thill e air ais air bòrd an t-soithich thug e seachad stòiridh gun do thuit am fear amach ’s gun deach a bhàthadh, ’s O, bha sinall right....

    • 28 A’Cluich Chairtean leis an Donas
      (pp. 190-192)

      Fear a mhuinntirPrince Edward Island,dh’fhairich mi e ’g innse ’s chuala mi uair no dhà e ’s a bharrachd, ’s an duine seo, tha daoine fìrinneach [ann]. Thall ann amPrince Edward Islandbha iad a’cluith’ chairtean ann an taigh aon oidhche, a’gambleadh. Agus bha an dala taobh a’call agus bha iad a’dol far a chéil’ ann. Agus thuirt fear dhiubh,

      “B’fheàrr liom gun tigeadh cuideiginn astaigh air mo thaobhsa ged a b’e an Donas a bhiodh ann.”

      ’S cha robh iad uamhasach fada, thuirt a’fear seo, nuair thànaig duineslick, slickastaigh ’s dh’fhoighneachd iad dha a...

  11. PART SEVEN. TALES OF BOBAN SAOR
    • 29 An Diachainn a Chuireadh air Boban Saor
      (pp. 194-195)

      Naidheachd a chuala mi mu dheidhinn Boban Saor. ’S tha e coltach gun d’fhuair e fios air dòigh air choireiginn — sanais — gu robh feadhainn a’seo a’dol a thighinn a chuir deuchainn air: a dh’fheuchainn a robh e cho math air an t-saoirsneachd ’s air a h-uile sian ’s a bha ’san t-seanchas.

      Agus cinnteach gu leòr, bha e sealltainn ’s bha e cumail sùil amach ’s chunnaic e an fheadhainn a bha seo air astar bhuaidhe agus tha mi cinnteach gun do thuig e có a bh’ann: ’s e coigrich a bh’annta. Agus thuirt e ris an fhear a bha...

    • 30 Boban Saor a’Tadhal air a Mhac
      (pp. 196-198)

      Agus an gille aig Boban Saor agus na nàbuidhean, cha robh gin dhiubh réidh: e fhéin cha robh e réidh riu. Agus gu math tric bhiodh an gille a’sealgaireachd agus ’s e saigheadan a bhiodh aige. Agus dh’fhoighneachd e dhan bhean,

      “C’àite,” ors’ esan, “a bheil na saigheadan a bh’aig a’ghille?” ors’ esan.

      “Tha iad ann a’seo,” ors’ ise.

      ’S thug i a nallbunchadhiubh. Thug e aon té às agus chuir e ri ghlùin i ’s bhrist e i.

      “[Chan eil] sgath spionnaidh [a’] siod,” thuirt esan, Boban Saor. Rug e sin air a’bhunchagus chuir e...

  12. The Reciters
    (pp. 199-206)

    Over generations the extended family of DAN ANGUS BEATON(Dan Angus Fhionnlaigh Iain ’ic Iain ’ic Fhionnlaigh Mhóir)of Blackstone, Inverness County, have been recognized as skilled storytellers, fiddlers, pipers, and singers, continuing an extensive and important stream of Gaelic tradition from the Scottish mainland. From the very beginning of his long life Dan Angus was heir to a wealth of legends originating in Scotland, as well as many local legends from the island. His tales, which make for compelling listening in Gaelic or English, were transmitted within his family over generations and include family accounts of the privations following...

  13. Notes
    (pp. 207-214)
  14. Select Bibliography
    (pp. 215-216)