Tales Until Dawn
Tales Until Dawn: The World of a Cape Breton Gaelic Story-Teller
Joe Neil MacNeil
Translated and edited by JOHN SHAW
Copyright Date: 1987
Published by: McGill-Queen's University Press
Pages: 528
https://www.jstor.org/stable/j.ctt130hhwt
Search for reviews of this book
Book Info
Tales Until Dawn
Book Description:

MacNeil also describes his early years in a Gaelic-speaking rural community, where story-telling is still a basic element of community life. He explains how he learned the tales and the customs and practices associated with their telling. He also introduces us to the families and individuals who were custodians of the tales. John Shaw's introduction outlines the informant's tradition and its place in the world of the European story-teller.

eISBN: 978-0-7735-6112-0
Subjects: Sociology
You do not have access to this book on JSTOR. Try logging in through your institution for access.
Log in to your personal account or through your institution.
Table of Contents
Export Selected Citations Export to NoodleTools Export to RefWorks Export to EasyBib Export a RIS file (For EndNote, ProCite, Reference Manager, Zotero, Mendeley...) Export a Text file (For BibTex)
Select / Unselect all
  1. Front Matter
    Front Matter (pp. i-v)
  2. Table of Contents
    Table of Contents (pp. vi-xiii)
  3. Facal o’n Ùghdar
    Facal o’n Ùghdar (pp. xiv-xv)
    Eòs MacNìll
  4. Acknowledgments
    Acknowledgments (pp. xvi-xvi)
    John Shaw
  5. Introduction
    Introduction (pp. xvii-xli)

    This collection of Gaelic oral tradition from the Middle Cape and Big Pond area of Cape Breton County on Cape Breton Island, Nova Scotia, has been transcribed and translated from tape recordings made by the editor of Joe Neil MacNeil (Eòs Nìll Bhig) of Middle Cape, the most remarkable Gaelic reciter to emerge in Cape Breton since the 1960s. Born in 1908, Joe Neil, unlike most Gaelic-speaking folklore informants on the island, has achieved literacy in Gaelic, largely through his own efforts, but the Gaelic text is based on the unlettered tradition of his people and has been transcribed as...

  6. MAPS
    MAPS (pp. xlii-xliii)
  7. CUID A H-AON SAOGHAL AN SGEULAICHE
    • Lathaichean anns a’ Rudha Mheadhonach
      Lathaichean anns a’ Rudha Mheadhonach (pp. 2-21)

      ’S mise Eòsaiph MacNill ’s thánaig mi dh’ionnsaidh a’ Rudha Mheadhonaich ann a’ Siorramachd Cheap Breatuinn nuair a bha mi sia mìosan a dh’aois. Chaidh mo thogail còmhla ri seannchàraid a bh’ ann a’ sin – bha iad aosda nuair a thànaig mise còmhla riu – agus dh’ fhàs mi suas anns a’ sgìreachd a bha sin. Agus ’s e a’ Ghàidhlig a’ cheud chànail a bh’ agam. Cha robh Beurla ’ga cleachdadh ’san dachaidh agus ged a thigeadh cuideiginn a dh’ ionnsaidh an taighe cha bhruidhneadh bean an taighe Beurla ris; cha robh Beurla aice. Bha beagan do Bheurla...

    • Sgeulachdan ’gan Aithris
      Sgeulachdan ’gan Aithris (pp. 22-37)

      Bha mi cluinntinn sgeulachdan gu math bitheanta bho ’n a bha mi ’nam ghille òg; cha robh mi ach glé òg nuair a chuala mi bhith ’g innse sgeulachd. Tha mi cinnteach nach robh mi ach cho òg agus a bhiodh cuimhne agam – ma dh’fhaoidte gum biodh cuimhne agam air nuair a bha mi mu cheithir bliadhna a dh’aois feadhainn a bhith ’g innse sgeulachd. Agus airson seinn nan òran, dh’fhaodadh cuimhne bhith agam air a’ sin bho ’n a thànaig cuimhne thugam: cha robh mi bliadhna idir a dh’aois nuair a bhithinn cluinntinn nan òran agus nam puirt-a-beul....

  8. CUID A DHÀ SGEULACHDAN ’SA CHOIMHEARSNACHD
    • Na Ceanadaich
      Na Ceanadaich (pp. 40-117)

      ’S e Clann Mhurchaidh Cheanadaich a bh’ annta agus ghabhainn-sa ’na mo bheachd fhéin gu robh Murchadh Ceanadach òg a’ tighinn a nall à Albainn a thaobh ’s e té ris an canadh iad Seònaid NicIain a bha pòsd’ aige agus ’s ann thall aig àite ris an canadh iad na h-Eileanan Dearga neo Camus an Fheòir neo uime sin – ’s ann a bha Cloinn Iain sin a’ fuireach. Agus bha mi smaointinn air a réir sin gura h-ann a bhos ann an Ceap Breatunn fhéin a phòs e.

      Le m’fhiosrachadh fhéin, bha triùir ghillean aig Murchadh. Bha Seumas...

    • Clann ’Illeain
      Clann ’Illeain (pp. 118-183)

      Air réir na h-eachdraidh a fhuair mi bhuapa fhéin ’s ann à Barraidh a thànaig Cloinn ’Illeain. Ach bha iad fhéin a’ cantail gura h-ann do Chloinn ’Illeain Dhubhairt a bha iad bho thùs. Agus tha e coltach ma dh’fhaoidte gun deachaidh iad an toirt a null a Bharraidh. Ma dh’fhaoidte gu robh iad ann an Uibhist-a-Tuath. Cha n-eil fhios a’m air a’ sin idir, ach ma dh’fhaoidte gu robh iad ann an Uibhist-a-Tuath agus gun deach iad as a’ sin a Bharraidh.

      Tha e coltach thall ’san Albainn gura h-e Lachlainn Gobha agus lain mac Lachlainn Ghobha; agus thànaig...

    • Clann Ìosaig
      Clann Ìosaig (pp. 184-231)

      Bho ’n a bha mi toirt beagan do dh’eachdraidh air a’ mhuinntir ghasda bho ’n a robh mi faighinn cuid dhe ’n t-seanachas agus dhe ’n aighear ’s dhe ’n éibhinneas a bha dol, bha Clann Ìosaig shios a’ sin: Clann do Ghilleasbuig Mór MacÌosaig. Agus bha Alasdair is Iain agus Dòmhnall ’s Aonghus; b’e sin ceathrar bhràithrean air an d’fhuair mi eòlas.

      Agus bha Aonghus làn dhe ’n aighear a bha seo. Bhiodh e ri sgeulachdan agus bhiodh e fhéin ’gan deanamh. Dheanadh e iad gu math pailt ’s gu math fursada. Agus dheanadh e iad fada cuideachd; ’s...

    • Clann ’acIllemhaoil
      Clann ’acIllemhaoil (pp. 232-291)

      Cho fad ’s a gheobhainn amach ’a ann à Uibhist a Tuath a thànaig Clann ’ic ’Illemhaoil a bha sin. Nuair a bha Aonghus Mac’Illemhaoil (Aonghus Alasdair ’ic Nìll ’ic Iain ’ac Mhurchaidh ’ac Dhòmhnaill) ’na òige chaidh e a dh’fhuireach suas gu tìr-mór cómhla ri cuideachd a mhàthar agus ’s ann ris an iasgach a bhiodh iad fad bhliadhnaichean. Bha e amach am Bàigh Chanso ag iasgach còmhla riu le bràthair a mhàthar ’s le feadhainn a bha shuas a’ sin. Agus thànaig e ’n sin anuas ’s shuidhich e ann am Bail’ Iain – na h-Eileannan Dearga a...

    • Aonghus MacCoinnich
      Aonghus MacCoinnich (pp. 292-301)

      Aonghus MacCoinnich a bha seo: ’s e Aonghus Sheumais Mhurchaidh Bhàin. Bha e do Chlann Choinnich a thànaig gu Parraisde Eilein na Nollaig. Agus bha e greis dha ’n ùine a’ fuireach thall aig Bail’ Iain, an àite fear Dòmhnall MacNìll (Dòmhnall Sheumais ’ic Eòin ’ic Dhòmhnaill Dhuibh). ’S e piuthar a sheanair – piuthar do Mhurchadh Bàn cho fad ’s as fhiosrach mi – a bha pòsda aig Dòmhnall MacNìll a bha seo – aig Dòmhnall Sheumais. Agus b’ e sin an t-aobhar air a robh esan thall a’ fuireach greis còmhla riu. ’S ann còmhla riu a bha...

    • Eòs Mac ’Illeain
      Eòs Mac ’Illeain (pp. 302-307)

      Bho ’n a bha mi toirt eachdraidh air Cloinn ’Illeain a bha shuas aig a’ Rudha Mheadhonach agus aig Còbh nan Éireannach mar a bha iad, ’s fheudar dhomh a nist ainmeachas air Clann ’Illeain a bha còmhnaidh thall aig Eilean na Nollaig agus a dh’imrich fear dhiubh a nuil dh’ionnsaidh a’ Phòin Mhóir. Agus bha feadhainn aca a dh’imrich mun cuairt air feadh Eilean Cheap Breatuinn. Ach co-dhiubh bha Eòs Mac ’Illeain (Eòs Pheadair Chaluim Ghobha): agus b’e Calum Gobha mac do dh’Alasdair an Gobha Mór. Agus tha e coltach gun deachaidh Alasdair an Gobha Mór fhéin a null...

    • Iain MacNìll
      Iain MacNìll (pp. 308-315)

      ’S e mac do Dhòmhnall Dhòmhnaill ’ic Iain ’ic Iain a bh’ ann agus ’s e Dòmhnall Mór Nìll Mhóir a bheireadh iad ri athair a thaobh chaochail Dòmhnall mac Iain ’ic Iain tha e coltach nuair nach robh e ach glé òg. Agus ’s e Mór Nìll Mhóir, b’e sin Mór Nìll Mhóir ’ic Iain ’ic Lachlainn Ghobha. Agus ’s e nighean do Niall Chaluim ’ic Iain ’ic Lachlainn Ghobha bu mhàthair do dh’Iain MacNìll a bha seo. Agus tha mi creidsinn gu robh an càirdeas a’ leantail anuas; gur e sin a bha ’gam fàgail cho math dh’ionnsaidh...

    • Bean Mhìcheil ’acNìll
      Bean Mhìcheil ’acNìll (pp. 316-323)

      Anna nighean Dhòmhnaill Iain Dhiarmaid, bana-Chaimbeulach: bha i pòsda aig Mìcheal MacNìll (Mìcheal Ruairidh ’ic Iain ’ic Eachainn Bhàin).

      ’S e boireannach sònraichte a bh’ ann am Bean Mhìcheil. Bha i ’na bean-ghlùin. Bhiodh i falbh mun cuairt air feadh na tìr as an am agus bha e coltach gu robh i gu math sealbhach, sona as a’ chùis sin cuideachd. Bha deagh-ghuth òrain aice agus cuid mhór do dh’orain mhath aice. Agus airson puirt-a-beul bha i fìor mhath orra; bu choingeis leatha co-dhiubh ’gan athris ’nam faclan neo a’ dol air canndaireachd eile. Bha i sònraichte math air a...

    • Niall Caimbeul
      Niall Caimbeul (pp. 324-329)

      Bha Niall Caimbeul fhéin ’na fhìdhleir sònraichte. Bha e ’g aithris beagan do sgeulachd na do sheanachas a thug e dhomh. Tha mi creidsinn gu robh e air a chunntais ’na fhìdhleir cho blasda ceòl agus a bha aca thall anns an taobh ud fad àireamh bhliadhnaichean.

      Bha mi faighinn caochladh naidheachdan air Boban Saor ’s air an teaghlach; bhiodh cuid do dh’fheadhainn le naidheachdan beag’ aca orra. Agus fhuair mi naidheachd air Boban Saor ’s air a mhac nuair a thuirt e ri mhac latha gu robh iad a’ dol air turus ’s e bhith faighinn deiseil. Agus dh’fhoighneachd...

    • Dòmhnall MacNìll
      Dòmhnall MacNìll (pp. 330-333)

      Bha Domhnall MacNìll (Dòmhnall Nìll Eoghainn Mhóir ’ic Ìomhair) a’ còmhnaidh shios am baile mór Shudni. ’S ann aigesan a fhuair mi pàirt dhe ’n sgeul a bh’ agam air Boban Saor còmhla ri iomadh naidheachd bheag eile a bhithinn a’ faotainn.

      Chuala mi sgeul neo dhà air Boban Saor. Agus bha e coltach gu robh mac dha pòsda agus nach b’aithne do bhean a’ ghille Boban Saor idir; bha fear dhe na míe pòsda ’s bha e fuireach astar air falbh bho ’n t-seann dachaidh. ’S thánaig Boban Saor dh’ionnsaidh an taighe agus gun an gille aig an taigh....

    • Ruairidh MacNìll
      Ruairidh MacNìll (pp. 334-339)

      A nist s’ fheudar dhomh iomradh thoirt air Ruairidh MacNìll (Ruairidh Iain ’ic Ruairidh Ruaidh). ’S e bana-Chamaronach bu mhàthair dha: nighean do dh’Alasdair Sheumais Chamshron. Agus bha Ruairidh, bha e gàbhaidh gasda agus cuideachdail, agus b’fhìor-thoil leis éisdeachd ri òrain. Bha naidheachdan aige: feadhainn bheaga ghoirid agus feadhainn cuimseach fada. Agus bhruidhneadh e air bàrdachd. Bha beachd aige air rudan a thuirt na bàird agus bha beachd aige air pàirt dhe na gnothaichean a bh’ ann an sgeulachdan, mar a bhiodh rudan a bh’ ann an sgeulachdan na Féinn’. A nist an éibh a bhiodh aca ris an canadh...

    • Gun Urrainn
      Gun Urrainn (pp. 340-357)

      Bha ministear anns a’ cheàrna ris an canadh iad Ministear Sùtar. ’S o, bhiodh iad tarraing as, tha e coltach. Ach co-dhiubh chaidh e turus a dh’àite Ministeir Sùtar agus thuirt e ris a’ mhinistear gu robh e ’g iarraidh airgiod airson paidhir bhròg fhaotainn. O, chaidh am ministear a null ’s fhuair e peann is paipear ’s sgrìobh e sios òrdadh a bheireadh e dh’ionnsaidh a’ ghreusaiche.

      “Seo,” ors’ esan. “Bheir a’ litir seo chun a’ ghreusaiche agus bheir e dhut brògan.”

      Choimhead Gilleasbuig e. “A,” ors’ esan, “cuir do litir far nach can mi. Bheir dhomhsa an t-airgiod...

  9. CUID A TRÌ BRIATHRAN BEÒIL, SPÒRS IS EÒLAS
    • Freagairtean Amasach agus Daoine Beàrraidh
      Freagairtean Amasach agus Daoine Beàrraidh (pp. 360-379)

      Bha fear ann ris an abradh iad Diarmaid Eòin ’ic Iain ’ic Alasdair MacCoinnich agus bha e fìor, fìor amasach air faclan. Bhiodh freagairtean aige do shian sam bith a thogradh tu a ghràdhainn. Agus chaidh e sios latha a bha e dol seachad ’s thadhail e aig fear a bhiodh a’ ceannach chruidh. Agus bha agh aige ri reic ris agus dh’inns’ e dha cho math ’s a bha an t-agh. Agus creid gun tug e moladh math air an agh. Ach nuair a thànaig an duine dh’ ionnsaidh an àite a choimhead air an agh, bha ’n t-agh...

    • Seanfhacail
      Seanfhacail (pp. 380-383)

      1 Am fear a bhios air deireadh, ’s ann air a bheireas a’ bhiast

      2 Am fear a thig gun chuireadh, suidhidh e gun iarraidh

      3 Am fear as fheàrr a cheangaileas, ’s e as luaithe a dh’fhalbhas

      4 An làmh a bheir, ’s i a gheobh

      5 Cha dean cas thioram iasgach

      6 Cha n-eil car ’san t-sionnach nach aithne dha ’n t-sealgair

      7 Cha n-iarradh duine sona ach a bhreith

      8 Cha sìn duine a chas ach mar a ligeas an t-aodach

      9 Cha tig an còta glas cho math dha ’n a h-uile fear

      10 Cha tig...

    • Gnàth-fhacail
      Gnàth-fhacail (pp. 384-389)

      1 Adhaircean fada air crodh ann an Éirinn gus an ruigear iad

      2 Am madadh ruadh a’ buachailleachd nan cearc

      3 An t-uan cho geal ri mhàthair ’s a mhàthair cho geal ris an t-sneachda (Daoine a’ bruidhinn air cuideiginn agus a’ ruith car air an aon ghné)

      4 Barail bhochd: a’ bharail aig a’ bhroc air a thòin

      5 Beul gun phutan

      (Cuideiginn a bha math gu bhith bruidhinn air rud ’s nach biodh gnothach aige ris)

      6 Bha e fhéin seachd bliadhna dà uair

      7 Buille bheag an ceann a’ chrudha

      (Nam biodh feadhainn air tòiseachadh air gnothaichean...

    • Rannan dha’n Chloinn
      Rannan dha’n Chloinn (pp. 390-393)

      ’S ann aig fear, Iain MacNìll, mac do Dhòmhnall Dhòmhnaill ’ic Iain ’ic Iain a chuala mi a’ rann a bha seo mu dheidhinn a’ bhogha-frois. ’S e nuair a chìtheadh tu bogha-frois gu h-àrd, ma b’fhìor nuair a bhruidhneadh tu ris a’ bhogha-frois a chanadh tu,

      A bhogha-frois, a bhogha-frois,

      Tàrr as, tàrr as.

      Tha t’athair ’s do mhàthair aig a’ chroich

      Is crochar iad mun ruig thu.

      ’S ma b’fhìor gun do dh’fhalbh am bogha-frois à sealladh nuair a chual’ e seo.

      Tha rann neònach ann a’ seo agus fhuair mi a’ mhór-chuid dheth bho Alasdair Ceanadach –...

    • Na Cleasan
      Na Cleasan (pp. 394-397)

      Dheanadh iad cleasan astaigh ’s na taighean agus bhiodh feadhainn dhe na cleasan sin duilich gu leòr an deanamh. Nuair a shuidheadh duine air botul cruinn air an ùrlar agus a chuireadh e a shàil air uachdar a choiseadh agus a dh’fheuchadh e ri snàithlein a chuir ’san t-snàthaid ’s e ’na shuidhe air a’ bhotul, bha an obair sin gu math doirbh. Bhiodh iad a’ magadh air duine: “Carson nach fhuirich thu socair?” Bhiodh an duine a null ’s a nall. Ach nuair a bha thu eòlach gu leòr air a’ ghnothach dh’ fhàsadh tu mu dheireadh cho cleachte...

    • Fios Leannain
      Fios Leannain (pp. 398-405)

      Bha neart do ghnothaichean ann a bh’ aca mu dheidhinn na gealaicheadh ùire. Bha géilleachdainn aig feadhainn, a’ cheud shealladh a chìtheadh iad dhe ’n ghealaich ùir bha rann aca a ghabhadh iad dha ’n ghealaich. ’S ann aig Ealasaid Cheanadach a chuala mi ’n rann, nighean do Ghilleasbuig Ceanadach. Agus bha agaibh ri choimhead fairis air ur gualainn chlì agus na bha fo ’r cois a thogail: ploc neo bioran na gu dé bhiodh ann. Ach bha sibh a’ gràdhainn as an am a bha sibh a’ coimhead air a’ ghealaich,

      “A ghealaich ùir ’s a ghealaich fhìor,

      Innis...

    • Manaidhean, Giseagan, is Dà-Shealladh
      Manaidhean, Giseagan, is Dà-Shealladh (pp. 406-419)

      Tha mise an duil gu robh cuid mhór dhe na gnothaichean a chañas feadhainn, nach robh ann ach giseagan. Ach tha mise an dùil fhathast gu robh seadh aig a’ ghnothach a bh’ ann ’s gu robh iad a’ thachairt. Co-dhiubh bha sin fìor na breug bha iad a’ géilleachdainn dha ’s ma dh’fhaoidte an fheadhainn a bha géilleachdainn dha, gura h-e cho beachdail ’s a bha iad: feumaidh gu robh manadh aig gnothaichean nach robh daoine toirt fo near. Tha cuid mhór dhiubh an diugh nach eil a’ toirt fo near a chionn tha gnothaichean air atharrachadh cho mór;...

    • Taibhsichean is Bòcain
      Taibhsichean is Bòcain (pp. 420-425)

      Tha fios a’m gu robh cleachdadh aig cuid mhór dhiubh, nuair a bhiodh iad ann an taigh faire agus a bhiodh iad a’ fàgail, chuireadh iad an làmh air làmh an neach a bha marbh ’sa chistidh, air neo air bathais an duine. Bu choingeis co-dhiubh chuireadh iad an làmh air a bhathais neo air a làimh – bhiodh an lamhan paisgte air an uchd mar gum biodh. Agus ’s e an t-aobhar a bh’ aig feadhainn, an dòigh as a robh iad a’ creidsinn ann a leithid seo, gura h-e nan tachradh an tathasg aig an neach a bhiodh...

    • Ceòl is Dannsa
      Ceòl is Dannsa (pp. 426-442)

      Seo àireamh do dh’fhìdhleirean a chuala mi bho chionn greis do bhliadhnaichean. Fear Niall Caimbeul (Niall Eachainn ’ac Dhunnachaidh); agus Seumas Caimbeul (Seumas Pheadair ’ic Eachainn); Murchadh Mac’Illemhaoil (Murchadh Dhòmhnaill ’ic Nìll ’ic Iain ’ic Mhurchaidh ’ic Dhòmhnaill); Iain Mór Dòmhnallach (Iain Mór Aonghuis Nìll Ruaidh); agus Iain MacNìll (Iain mac Dhòmhnaill Mór Nìll Mhóir); agus Niall Mac-a-Phì (Niall Alasdair a’ Phìobaire); Eachann MacNìll (Eachann Aonghuis Phosta); Mìcheal Mac-a-Phì (Mìcheal Mhìcheil Nìll Dhòmhnaill); agus Niall MacÌosaig (Niall Iain ’ic Ìosaig); Ruairidh MacÌosaig (Ruairidh Iain Ruairidh); agus Mìcheal MacAonghuis (Micheal Ruairidh Dhòmhnaill Mhóir); agus Fionnlagh Dòmhnallach (Mac Iain Nìll ’ic Iain...

  10. Notes
    Notes (pp. 443-478)
  11. Select Bibliography
    Select Bibliography (pp. 479-483)
  12. Aarne-Thompson International Folktale Types
    Aarne-Thompson International Folktale Types (pp. 484-484)
McGill-Queen's University Press logo